ceanglan...


www.bocan.tv

Air an làrach-lìn ùir, sgoinneil againn, gheibhear fiosrachadh uirsgeulach,

eadar-obrach agus dà-chànanach airson sgoilearan de gach aois.

Cartùnaichean sreathach, comaigean agus geamannan eadar-obrach le

stòras dà-chànanach – dean fhèin cinnteach gu dè da-rìribh a thachair!

Ionnsaighean nan Lochlannach, blàran, creachadh chinnidhean,

cùl-mhùtaireachd uisge-bheatha, gaol toirmisgte, gnìomhan uabhasach,

cinn-fheadhna gun chiall, coin, cait, losgannan, fèidh, peataichean de

gach seòrsa, draoidheachd, sìthichean, nithean os-nàdurra, buidsichean is

bana-bhuidsichean, taigeisean fiadhaich, fiosaichean, fàidhean, agus fiù ’s

Uilebheist Loch Nis!

Ar beul-aithris a’ tighinn beò ann na cartùnaichean air an dèanamh le, agus airson, òigridh na Gàidhealtachd is nan Eilean.


www.ambaile.org.uk

Am Baile, am baile Gàidhlig, stòras dà-chànanach far am faigh duine sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan, cultar no eachdraidh na Gàidhealtachd is nan Eilean cothroman foghlaim is rannsachaidh.

Airson stuth West Highland Animation fhaicinn, brùth air "Fealla-dhà is Geamannan": 40 gèam, 40 comaig eadar-obrach agus 40 cartùn sreathach.

Ma tha sibh airson geamannan, comaigean agus filmichean eile fhaicinn, leis a h-uile càil sa Ghàidhlig, theirig gu www.bocan.tv

Copyright © 2014 West Highland Animation

englishlinks.html
cuir fios
thugainnContact_ga.html
stiùireadhDirections_ga.html
muabout_ga.html
pròiseactanProjects_ga.html
sgeulachdanStories_ga.html

ceanglan

ag obair
an seoworking_here_ga.html