an sgadan airgid...

Chan eil iasgairean Ulapuil a' breith air aon iasg, agus, aig an aon àm, tha iasgairean Eilean Leòdhais a' slaodadh a-steach lìon an dèidh lìon làn sgadan. Bha boireannaich Ulapuil ann an uiread de dh'èiginn 's gun do leagh iad na sèinichean airgid aca gus sgadan airgid a dhèanamh. Thug iad seo do na h-iasgairean airson a chleachdadh mar mhaghar. Dh'fheumadh fir Ulapuil a char a thoirt à Bana-bhuidsich na Mara a bha a' cumail sùil air costa Eilean Leòdhais, ach cho luath 's a rinn iad a' chùis air oirre, thàl bòidhchead an sgadain airgid na sgaothan sgadan air ais a dh'Ulapul. Chaidh am film seo a dhèanamh ann an 1996 le cloinn à Aonad Gàidhlig Bun-sgoil Ulapuil mar phàirt dhen t-sreath “Gàidhlig gu leòr”.


back to stories...

englishStories_herring.html

Copyright © 2014 West Highland Animation

cuir fios
thugainnContact_ga.html
stiùireadhDirections_ga.html
muabout_ga.html
pròiseactanProjects_ga.html
ag obair
an seoworking_here_ga.html
ceanglanlinks_ga.html

sgeulachdan