englishProjects_Talleststory.html

farpais nan sgeul fuadain...


Sa phrògram annasach de dhealbhan-beò a tha seo, tha Tormod MacGill-Eain, fear-atharrais agus fear-èibhinn cliùiteach ann an saoghal na Gàidhlig, a’ toirt thugainn còig sgeulachdan fuadain bho threubhan à ceàrnaidhean iomallach nan Ìnnseachan. Chan e a-mhàin gu bheil e a' toirt a-steach nan cartùnaichean , ach tha grunnan phàirtean aige fhèin anns na sgeulachdan cuideachd: nam measg cathag gharg, sagart à tìr nam marbh, an Sgalag Bonga iriosal, agus Ceannard feòil-itheach nam Bonga fhèin!

Cò an sgeulachd as fhuadaine ma-thà? Chan e roghainn furasta a th’ ann. Tha gach film a’ cleachdadh obair-ealain nan treubhan air dhòigh bheòthail spreigeach, agus cuiridh drumaichean nan treubhan ud buille nad chuislean...

An toigh leat an t-ailbhean a sgèitheas? Agus dè mu dheidhinn nam Bonga san Treubh Santal? Nuair a chluinneas tu Isean an Òrain, cuiridh e an cianalas ort? Agus bheir an luch shanntach gàire ort. Ach an dùil a bheil e fìor gu bheil poitean làn òir sa choille, a' feitheamh gus an lorg mnathan-taighe aig a bheil cus obrach iad?


NA SGEULACHDAN


Film 1 - Mar a chaill an t-ailbhean a sgiathan

Bha sgiathan air an ailbhean o thùs, ach a chionn ’s gun robh e cho mì-chùramach is sgriosail, chaill e a sgiathan agus a shaorsa. Tha ìomhaighean pràise à Bastar a' tighinn beò ann an dealbhan-beò 3-sheallach. Dealbhan-beò le Tara Dhùghlas. Ceòl le Miquette Giraudy.


Film 2 - The Bonga

Gu fortanach, chan eil na Bonga uile dona, mar a fhuair Lakhan agus a bhràthair, Baijal, a-mach an dèidh dhaibh teicheadh bho shaoghal  Ceannard feòil-itheach nam Bonga agus a nighinne meallta, a’ Chaileag Bonga. Tha tìgearan luath a’ cheannaird às an dèidh cuideachd, ach mu dheireadh tha Bonga na Crìche agus an Sgalag Bonga - dithis cho goireasach 's a lorgadh tu an àite sam bith - gan sàbhaladh.  
Chan e daoine-sìthe a th’ aig treubh nan Santali ach Bonga eagalach!
San fhilm seo, chithear deagh dhealbhan de dhùthaich is de thaighean nan Santili agus ealain shamhlachail ann an stoidhle dhealbhadairean-sgrolla Chitraka, à sgìrean Santali ann an Chattisgarh.


Film 3 - Poit Làn Òir

Chan eil a' bhean òg dhen bheachd gu bheil cùisean mar is còir, leis an duine aice ag obair air na dealbhan aige, is uallach na h-obrach air fad oirrese. Tha an duine aice a' feuchainn ri toirt oirre creidsinn gur e Dia am fear a bheir an cuid fheuman dhaibh, ach chan eil ise cho cinnteach gus an do thachair nì iongantach. An dèidh dhi poit òir a lorg sa choille, chaidh a thoirt chun an taighe gun fhiost. Figearan geala 2-sheallach air cùl crèadh-ruadh air am peantadh ann an stoidhle traidiseanta na Treubha Worli. Ceòl le Lokam, Gautam, agus Uttam, bràithrean ainmeil à Bengal.


Film 4 - An Rud as Fhèarr

Tha ealain a chaidh a dhealbh agus a pheantadh le luchd-ealain Gondi ann an treubhan Ìnnseanach a' tighinn beò san fhilm iongantach seo, a tha ag innse sgeulachd mu luch fhaoin a tha dhen bheachd gur i as fheàrr a th' ann. Mar sin, tha i dhen bheachd gu bheil i airidh air a h-uile càil a tha i a' miannachadh. Tha a caraid, am breacan-buidhe, a' gabhail ris gach iarrtas, agus tha e a' feuchainn ri a sàsachadh anns gach miann a th' aice, ach gun bheachd air an toradh.

An t-òran Gondi traidiseanta air a sheinn le Gondi Pardhan à Bhopal. An fhidheall Bana naomh air a cluiche le fear-ciùil Gondi Pardhan agus air a clàradh ann am Patangarh.


Film 5 - Isean an Oràin

Tha am film seo, a chaidh a pheantadh, ag innse mu nighean òig a ghairm a h-isean à saoghal nam marbh le cuideachadh bho Saora Shaman a bh' ann an neul.
Bidh Treubh Saora a' roinn an t-saoghail ann an dà chuid - saoghal nam beò agus saoghal nam marbh. Tha e comasach do na shaman ann an saoghal nam beò bruidhinn ri saoghal nam marbh.
Mar sin, nuair a bhàsaich an t-eun àlainn aig nighean Saora, chaidh i chun an t-sagairt airson cuideachadh. Ghabh an t-sagart truas oirre, agus thug e an t-eun air ais gu tìr nam beò.
Ach lean sluagh de dhaoine marbh an t-eun, 's iad a' sireadh gach rud a bh' aca nuair a bha iad beò.

Obair na h-ola-air-glainne air a dèanamh ann an stoidhle Ittelan traidiseanta nan Saora.

Copyright © 2014 West Highland Animation

cuir fios
thugainnContact_ga.html
stiùireadhDirections_ga.html
muabout_ga.html
sgeulachdanStories_ga.html
ag obair
an seoworking_here_ga.html
ceanglanlinks_ga.html

pròiseactan

cuir fios
thugainnContact_ga.html