englishProjects_ChildrensRoadshow.html

turas dualchais na cloinne...


Mion-chultaran an guaillibh a chèile


Mar phàirt de Bhliadhna Cultar na Gàidhealtachd 2007, tha West Highland Animation a’ dol air thuras le taisbeanadh de bheò-fhilmichean, de gheamannan agus de choimigean.


Bha sinn a’ toirt cuireadh gu cloinne gu PRÒGRAM CARTÙN uair a thìde, far an tèid iarraidh oirre bhòtadh airson na Sgeulachd Fuadain as motha a chòrdas ribh de dhà dhiofar ghnè:

Seanchasan bho threuban Innseanach - a’ tighinn thugaibh le fear-brèige, Tormod MacGill-Eain.


Seanchasan bho Gàidhealtachd na h-Alba - dealbhan, beòthachad agus guthan bho òigridh na Gàidhealtachd is nan Eilean, agus a’ tighinn thugaibh le Tagaidh an Taghan.


Chaidh bhòtaichean na Gàidhealtachd s’s nan Eilean a chur ri bhòtaichean bho na treubhan Ìnnseachan agus ri bhòtaichean nan Àisianach Breatannach. Chaidh duaisean a thoirt don fheadhainn a bhuannaich aig Fèis Fhilmichean Inbhir Nis san t-Samhain 2007.


Rinn sinn cuideachd air taisbeanadh de dh’obair ealain bho na filmichean gu lèir.


Tha an turas agus an tasbeanadh seo maoinichte le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Leader+, Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Tròiseachan agus le Seirbhisean nam Meadhanan Gàidhlig, Chaidh taic fhaighinn bho chNAG agus bho Highland 2007.


Tha seallaidhean airson an luchd-coimhead threubhaich anns na h-Ìnnseachan maoinichte le Urras Cathrannach Bryan Guinness, agus tha iad air an cur air dòigh leis a’ bheò-dhealbhadair, Tara Douglas. Tha a’ mhaoin Awards for All a’ toirt taic do sheallaidhean airson luchd-coimhead Àisianaich ann am Breatainn le tabhartas do Urras Ealain Adivasi.

Copyright © 2014 West Highland Animation

cuir fios
thugainnContact_ga.html
stiùireadhDirections_ga.html
muabout_ga.html
sgeulachdanStories_ga.html
ag obair
an seoworking_here_ga.html
ceanglanlinks_ga.html

pròiseactan